Tha dasg.ac.uk air ais! Abair faochadh, tha aiste agam ri chur a-steach Diluain
Tha dasg.ac.uk air ais! Abair faochadh, tha aiste agam ri chur a-steach Diluain
seadh, geugan gu litireil de sheòrsa air choreigin? bhiodh sin ciallach gu leòr, leis na h-itean agus na riobanan
ADAN! BONAIDEAN! Tha Floiri Nic Fhionghain a' cumail gach seorsa comh- dach cinn a bhios na mnath- an a' cosg. A D A N , B O N A I D E A N , R I B I N N E A N , F L U R A I C H E A N , I T E A N , . G E U G A N . agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so. Ma cheannaicheas tu ad no bonaid uaithe, bidh iad air an deagh dheanamh, agus saor gu leor. FEUCH GU 'N TAGHAIL THU
"agus moran de nithean eile nach gabh ainmeachadh an so" 😳
bha sinn a' toirt sùil air an t-sanas mìorbhaileach seo bho Mac Talla sa chlas an-diugh, ach, a bheil fios aig duine sam bith dè bhiodh "geugan" a' ciallachadh sa cho-theacsa seo? a' buntainn ri adan?
If you ever use the Ainmean-àite na h-Alba place-names website please fill in this survey. (And if you don't us it, you totally should!)
As a translator, I use this every day and simply couldn't function without it! It would be good to hear everybody's words on how it can be improved.
tha a' chiad cheum furasta agus chan eil a' ghàidhlig air a riochdachadh gu math air an liosta fhathast
Chunnaic mi taisbeanadh inntinneach mun Chlàran-innse Dualchas Beò na RA an-diugh
Ma tha thu an sàs ann an gnìomh cultarach sam bith - ceòl, biadh, beul-aithris, ceàrdan, fèisean, tha e gu math farsaing - faodaidh tu tòiseachadh air a’ phròiseas chlàraidh an seo
livingheritage.unesco.org.uk/gd
ooooh math fhèin, cleachdaidh mi sin gu dearbh
leugh zine cruthaich zine fàg zine gabh zine
dè th' againn air "zine" co-dhiù?
chan eil beura againne
ciamar a chruthaicheas sinn
sgrìobhadh gàidhlig
nuair nach eil ach faclan beurla againn?
iris bheag a rinn mi aig tachartas an Highland Zine Bothy, gus meòrachadh air cho slaodach is toinnte 's a bha sgrìobhadh Gàidhlig leis nach robh ach irisean Beurla againn ri ghearradh
Dìreach fonn an latha
a' dèanamh clas riatanach am bliadhna seo air a' chuspair: "gu dearbh, feumaidh sibh Fishman a leughadh, chan eil leisgeul sam bith agaibh tuilleadh"
Rud a dh'ionnsaich mi an-diugh:
Cleachdaidh sinn "deas" gus ciallachadh an dà chuid "south" agus "right", o chionn 's gun tàinig na h-àirdean combaist uile bho chuideigin na sheasamh mu choinneamh èirigh na grèine—bhiodh "south" air a làimh dheis
placard reading "bidh fàilte air fògarraich an seo"
b' fheudar dhomh facalan a lorg às aonais stràcan leis nach biodh iad ag obair leis na litrichean beaga bìodach lmao
Chaidh iomradh a thoirt air a' bhaile anns a bheil mi a' fuireach!! ᵃⁿⁿ ᵃⁿ ᵗᵃᶦˢᵇᵉᵃⁿᵃᵈʰ ᵐᵘ ᵗʰᵘᵇᵃᶦˢᵗᵉᵃⁿ ᵐᵃʳᵇʰᵗᵃᶜʰ ᵃᶦʳ ᵃⁿ ᴬ⁹
ann an inbhir nis, a' faicinn film goirid Keino 😬
bha mise ann am moshpit seo lmao
lmao thug iad air Gok GOC a leughadh
www.instagram.com/reel/DM2h_Ae...
Post Title: Gaelic Language Assistant Tutor (Relief) Salary: £13.63 per hour
Tiotal Dreuchd: Iar-Oide Gàidhlig (Faochadh) Tuarastal: £12.96 san uair
hmmm 🤔
tha seo a' toirt nam chuimhne gum bi daoine ann am Barcelona a' cleachdadh "taobh nam beann" agus "taobh na mara" airson comharraidhean, agus chan ann a-mhàin ann am Barcelona fhèin - bidh iad ga dhèanamh fiù's thall-thairis, nuair nach eil beanntan neo muir ri'm faicinn!
haha, tha sin iongantach!!
ach beagan duillich nach b' urrainn dhomh grèim a chumail air Na Sgeulachdan Goirid le Iain Mac a Ghobhainn
"In Strathspey the normal adverbs for westwards and eastwards are suas and sìos"
tha seo air m' eanchainn a bhriseadh
's ann le tlachd a tha mi air Keino a thoirt air ais dhan leabharlann
taing mhòr!!
tha mi a' smaoineachadh nach eil foghlam foirmeil idir a' còrdadh rium, gu cinnteach chan eil measadh a' còrdadh rium
seachdain nan deuchainnean, tha mi ro aosda seo a dhèanamh
Èirich, sibhse a tha fo ainneart Èirich, prìosanaich an t-saoghal! Cha sheas an t-eucoir seo gu siorraidh Olc nan uachdaran is nam maor. Cha sheas am brùidealachd seo fada, Do na seann bhreugan cha toir sinn diù, Nuair a bhriseas sinn gach slabhraidh aosta Bidh saoghal nas fheàrr a’ tighinn dlùth! Thig chàirdean is seas leinn, Blàr mu dheireadh ri ar n-aghaidh Tha’n t-Eadar-Nàiseantachas Ag aonadh sluagh an t-saoghail. Tha’n t-saoghal na oighreachd dhuinne uile Chan e mhàin dhaibhsan os ar cionn Is nuair a chì iad aonachadh nan daoine, Cuir geall gun atharraich am fonn. Leig seachad uile ur ainfhiosrachd, Thig ionnanachd mu dheireadh thall. Chan fhiach an t-soirbheachd neo saorsa, Mur glac an sluagh a h-uile steall. Chan iarr sinn slànaighearan fuadain, Chan iarr sinn rìgh neo prionns’ gun fheum, Thug iad dhuinn gràinne, eagal agus sanntachd Ach seasaidh sinne còmhla gu treun. Cha sgair iad sinne a-nis le gràdhas-dùthcha, Cha chog sinn tuilleadh ach airson sinn fhìn, Cuiridh sinn stailc air dòigh am measg nan saighdear, Màirdsidh gach fear ac’ airson sìth. Cia mheud a reamhraich air ar feòil-sa! Cia mheud sgillinn a ghoid iad bhoinn? Morair, manaidsear neo mèirle Mallaichte bidh iad uile cruinn! Cuiridh sinn às de bhrùidealachd an t-saoghal-sa Saoraidh sinn tràillean obrach chruaidh Togaidh sinn cruinne ùr air tobht’ an t-seann fhear Bidh anacheartas anns an uaigh.
Là Bealltainn agus Là an Luchd-Obrach Eadar-Nàiseanta sona dhuibh uile! Airson a chomharrachadh, seo eadar-theangachadh den Internationale a sgrìobh mi o chionn còrr air 10 bliadhna (le atharrachadh neo dhà)
Familiarise yourself with digital resources!
Historic Environment Scotland has a Gaelic thesaurus that provides translations of vocabulary related to the historic environment: buff.ly/xUnZHNf
#Gàidhlig #Gaelic #Cleachdi